Àrdachadh air grantaichean coilltearachd

Coille Image copyright Dorothy Carse/Geograph

Foillsichidh Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, àrdachadh air grantaichean gus coilltearachd a bhrosnachadh, agus e a' bruidhinn ri ceannardan a' ghnìomhachais air Ghàidhealtachd Diluain.

Tha luach còrr is £1bn sa bhliadhna ann an coilltearachd, ach tha draghan air nochdadh mu na tha an dàn dhan ghnìomhachas mura tèid tuilleadh chraobhan a chur.

Tha Mgr Ewign air a bhith a' cumail sreath de choinneamhan mu choilltearachd air feadh na dùthcha.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil seo mar phàirt de na planaichean a th' aca 'son an eaconamaidh ann an sgìrean dùthchail a leasachadh.

Thathas a' tuigsinn gun robh àrdachadh bho chionn ghoirid ann an iarrtasan 'son ghrantaichean gus craobhan ùra a chur, rud air an do chuir an Riaghaltas is an gnìomhachas fàilte.

Tha mu 25,000 dreuchd a' crochadh air coilltearachd ann an Alba, ach tha draghan ann gur ann air sàilleabh na chaidh a chur anns na 70an 's na h-80an a tha sin, agus gum feumar barrachd chraobhan a chur gus an gnìomhachas a ghlèidheadh anns an àm ri teachd.