Molaidhean 'son dèiligeadh le bochdainn connaidh

Teasadair Image copyright SPL

Mhol rannsachadh neo-eisimeileach gum bu chòir na thathas a' ciallachadh leis an abairt 'Bochdainn Connaidh' atharrachadh.

Tha dragh ann gu bheil mar a thathas a' tomhais bochdainn connaidh a' cur bacadh air a bhith a' dèiligeadh ris an trioblaid.

Tha dà sgrùdadh, a chaidh a chur air dòigh le Riaghaltas na h-Alba air sreath de mholaidhean fhoillseachadh.

Am measg nam molaidhean, tha iad ag ràdh gum bu chòir gum bi barrachd taic ri fhaighinn aig ìre coimhearsnachd.

Sgìrean dùthchail

Gu h-oifigeil, tha teaghlach a' fulaing le bochdainn connaidh nuair a thathas a' cosg còrr is 10% den teachd a-steach aca air teasachadh taighe.

Tha cha mhòr dithis às gach triùir a tha a' fuireach ann an sgìrean dùthchail iomallach na h-Alba anns an t-suidheachadh sin.

Ach tha na figearan sin a' dol suas gu 70% anns an h-Eileanan an Iar.

Chuir cuid fàilte air na molaidhean a thàinig a-mach à dà aithisg air bochdainn connaidh.

Cosgais is ionmhas

Ach tha feadhainn eile ag ràdh nach eil càil ùr anns na chaidh fhoillseachadh.

A rèir a' chomhairliche Tormod MacLeòid chan eil sian ann nach cualar mar-thà.

"Tha tòrr de na tha ann an sin, tha fios air a bhith againn air a sin bho chionn fhada an t-saoghail"

"Tha fios aig muinntir na Gàidhealtachd agus na h-eileanan gu h-àraid...mar a tha cosgais agus ionmhas... cho iosal a bharrachd air a' chòrr de Bhreatainn".

Lùghdachadh chàrboin

Tha Di Alexander anns a' chathair aig Buidhinn Ghnìomha Righaltas an h-Alba air bochdainn connaidh.

Tha esan den bheachd nach eil am poileasaidh air bochdainn connaidh gu ruige seo air a bhith cho èifeachdach 's a bu chòir.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil am poileasaidh a' cur cuideim air lùghdachadh chàrboin..."

"...tòrr a bharrachd na air ciamar a tha thu a' sìneadh a-mach gu daoine aig nach eil airgead 'son na dachannan aca a theasachadh."

Tha an aithisg a' moladh atharachadh a thoirt air na tha bochdainn connaidh a' ciallachadh.

Agus tha i a' moladh cuideachd, coimhead air suidheachadh nan sgìrean dùthchail fa-leth.