Leasachadh san amharc am Bàgh a' Chaisteil

Planaichean
Image caption Thathar a' sireadh taic-airgid 'son pontùin a thogail.

Tha leasachadh san amharc aig cala Bhàgh a' Chaisteil ann am Barraigh.

Tha Buidheann Coimhearsnachd Bharraigh agus Bhatarsaigh a' lorg àite fasgach anns an tèid pontùin a chur.

Tha iad cuideachd a' sireadh taic-airgid 'son rathaid ùir agus laimrig 'son bàtaichean a chur dhan uisge.

Tha beachd ann gu bheil Barraigh air dheireadh air eileanan eile a thaobh ghoireasan den t-seòrsa sin.

Bidh na ceudan de dh'iachtaichean a' tadhal air Barraigh gach bliadhna.

Ceangail sàbhailte

Ann am Bàgh a' Chaisteil, tha 12 àite far am faigh iad air ceangal air acair.

An uairsin ge-tà, feumaidh iad faighinn gu tìr.

A rèir 's cò an àird às a bheil a' ghaoth a' tighinn - gu sònraiche bhon àird a deas, dh'fhaodadh e a bhith doirbh faighinn fàr nan iachtaichean.

Tha obair a' dol a-nis gus àite ceangail sàbhailte a stèidheachadh agus ceum gu tìr a chur suas.

Ach tha Barraigh air dheireadh air sgìrean eile anns na h-eileanan an iar.

Riatanach

Chaidh pontùin a thoghail ann an Loch nam Madadh bho chionn trì bliadhna.

Agus dh'fhosgail goireas mòr le fasgadh 'son bhàtaichean ann an Loch Baghasdail an-uiridh.

Thuirt comhairliche Bharraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh agus Uibhist a Deas, Dòmhnall Manford gur e Barraigh an aon eilean anns an na h-Eileanan an Iar "a tha as aonais a' ghnìomhachais a tha seo a tha cho riatanach - chan e a-mhàin do dh'iachtaichean a tha a' tighinn dhan eilean, ach seadh a' chlann agus ag ionnsachadh mu obair mara agus a bhith an sàs sa mhuir."

Tha dùil gum bi an obair ullachaidh deiseil an ceann beagan sheachdainean.

Aig an aon àm, tha tagraichean air a dhol a-steach 'son maoineachaidh gus an dàrna earrann den phròiseact a thogail.

Ma bhios iad sin soirbheachail, tha dòchas ann gum bi an còrr den obair a' dol air adhart bho thoiseach na h-ath-bhliadhna.