Là Mòr nan Còisirean

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach

Chaidh Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn, agus Sgiath Mairead NicDhonnchaidh a thoirt seachad air là mòr nan còisirean sgìreil aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

B' iad Còisir Inbhir Pheofharain a bhuanaich Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn, le comharra 373.

Thàinig Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis san dàrna àite le comharra 370.

Bha Còisir Ghàidhlig Ìle Ghlaschu san treas àite, le 367.

B' iad Còisir Loch Abair a bhuanaich Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh, le comharra 362.

Thàinig Còisir Ghàidhlig Inbhir Narann san dàrna àite, le comharra 359.

Bha Còisir Ghàidhlig Dhùn Èideann san treas àite, le 352.