Buinn Òir an t-Seann Nòis
- Air fhoillseachadh

'S iad Claire NicAmhlaigh à Nis agus Torcuil MacLeòid à Steòrnobhagh a shoirbhich ann an co-fharpais an t-Seann Nòis.
Chaidh Buinn Òir an t-Seann Nòis a thoirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh.
'S iad Claire NicAmhlaigh à Nis, agus Torcuil MacLeòid à Steòrnabhagh a shoirbhich.
Ann an Co-fharpais nam Ban fhuair Claire NicAmhlaigh 279 comharran.
Bha Saffron Hanvidge à Inbhir Nis san dàrna àite, le 275.
Fhuair Iseabail Nic Ille Bhain à Griais an treas àite le 274.
Bha Emma NicLeòid à Sgalpaigh anns a' cheathramh àite le 272.
Ann an Co-fharpais nam Fear fhuair Torcuil MacLeòid comharra 280.
Ghlèidh Dòmhnall Iain MacRath an dàrna àite le 267.
Bha Eòghan MacIlleathain Stiùbhart anns an treas àite, le 258.