Dràma na Samhna an Inbhir Nis

spooks Image copyright Highland Council

Bidh 100 cleasaiche an sàs ann an dràma na Samhna a thèid a chumail air Eileanan Nis disathairne 29mh Dubhlachd agus Didòmhnaich 30mh Dubhlachd.

Tha dùil ris na ceudan theaghlaichean aig na h-eileanan 's iad a' deisealachadh 'son 'Coille a' Chlisgidh' le bòcain, buidsich is taibhsean na Samhna a' tadhal air na h-eileanan .

Ag obair ann a co-bhanntachd bidh Comhairle na Gàidhealtachd, Eden Court agus a' chompanaidh Arts in Motion and Limelight Event Services a' cur air dòigh an dràma agus gheibhear ann an asgaidh.

Image copyright Alison White

Tòisichidh an dràma oidhche Shathairne 29mh aig 6:30f agus oidhche Dhòmhnaich 30mh aig 5:30f agus chan fheumar tiocaidean 'son fhaighinn a-steach.

Leis na h-àireamhean a' dol suas gach bliadhna airson Dràma na Samhna fhaicinn, tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bi nas lugha àitean pàrcaidh timcheall air Pàirce a' Bhucht agus tha iad a' moladh do dhaoine na carbadan aca fhàgail ann am pàircean chàraichean an teis-meadhain a' bhaile agus coiseachd dha na h-eileanan.