£700,000 do sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, PA

Gheibh an dà sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu airgead a bharrachd on Riaghaltas.

Dh'ainmich an Leas-Phrìomh Mhininistear agsu Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlaim agus Sgilean, Iain Swinney, £700,000 a bharrachd gus àrainneachd ionnsachaigh nan sgoiltean a leasachadh.

Thèid an t-airgead a chosg air piseach a thoirt iar goireasan nan asgoiltean, agus gus iarrtas a bharrachd air àiteachan sna sgoiltean a choileanadh.

Bho chaidh Maoin Chalpa nan Sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2008, dh'èirich an àireamh chloinne a th' ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig 32%.

"'S e pàirt riatanach de dhualchas na h-Alba a th' anns a' Ghàidhlig, agus tha sinn ag aithneachadh luach mòr cultarail, eaconamach agus sòisealta a' chànain don dùthaich gu lèir," thuirt Mgr Swinney.

"'S e sin as coireach gu bheil dealas leantainneach aig an Riaghaltas seo do a bhith a' leudachadh cleachdadh agus faicsinneachad a' chànain gus a glèidheadh san ùine fhada."