Clì Gàidhlig a' dol à bith?

Clì Gàidhlig

Thèid fàighneachd de bhallrachd Clì Gàidhlig, a' bhuidhean do luchd-ionnsachaidh, a' bheil iad ag iarraidh a' bhuidhean a chur à bith.

Chaidh stad a chur air maoineachadh na buidhne bho Bhòrd na Ghàidhlig anns a' Mhàirt 2016.

Thuirt a' Bhòrd gun robh iad am beachd structaran ùra airson luchd-ionnsachaidh a chur an gnìomh.

Aig a' choinneamh bhliadhnail aig Clì air an ath mhìos, thèid gluasad mu choinneamh nam ball airson a' bhuidhean a' chur à bith.

Bidh e an urra ris a' bhallrachd a' bheil iad airson's gun tachair sin.

Briseadh-dùil

Thuirt Alison Lang a th'air bord-stiùiridh na buidhne gu bheil e sìor fhàs doirbh dhaibh airgead fhaighinn airson cumail a' dol.

"'S e càll uamhasach a bhios ann, ach tha ro-innleachd ùr aig Bòrd na Gàidhlig.

"Bho bhith a' leughadh sin, tha e follaiseach nach eil Bòrd na Gàidhlig a' faicinn gu bheil àite aig Clì Gàidhlig san àrainneachd fhòghlam san àm ri teachd agus dhòmhsa dheth, 's e briseadh-dùil uamhasach a tha sin agus feumaidh mi ràdh cion-lèirsinn," thuirt i.

Thuirt neach-labhairt bho Bhòrd na Gàidhlig gun tèid ro-innleachd ùr airson inbhich agus foghlam leantainneach fhoillseachadh leis a' Bhòrd tro na beagan mhìosan a tha romhainn.

"Nuair a bhathar ag ullachadh na ro-innleachd seo bha Clì am measg na bh' air a' bhuidheann-obrach gus seo a tharraing ri chèile.

"Tha e duilich a bhith cluinntinn nach eil Clì a' toirt aithne gu bheil Bòrd na Gàidhlig air a bhith cumail fios riutha aig gach ceum den phròiseas seo agus bhiodh e math a thoirt gu an aire an-dràsta gun d' fhuair Ceannard a' Bhùird cuireadh a dhol a bhruidhinn riutha aig a' choinneimh bhliadhnail aca a tha gabhail àite an ath-mhìos".

Bhòt

Thèid bhòt a chumail aig coinneamh bhliadhnail Clì air 12mh Samhainn.

Chaidh innse cuideachd gum bi tachartas sònraichte an sin air a bheil An Còmhradh Mòr far am bi deasbad air ionnsachadh na Gàidhlig san àm ri teachd.