Briseadh dùil do luchd-poileataigs a thaobh Ghearasdain Dheòrsa
- Air fhoillseachadh

Thuirt luchd-poileataigs Gàidhealach gun d'fhuair iad briseadh dùil às dèidh coinneimh le Ministrealachd an Dìon mu Ghearasdan Deòrsa.
Tha an gearasdan, a tha 250 bliadhna a dh'aois, am measg grunn ionadan airm ann an Alba a dh'fhaodadh an MoD dùnadh 's iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air seirbheisean son airgid a shàbhaladh.
Choinnich Ceannard Chomhairle nan Gàidhealtachd, Mairead Davidson, agus am ball pàrlamaid sgìreal, Drew Hendry ri Ministear an Dìon, Marc Lancaster ann an Lunnainn feasgar diluain.
Adhbharan son a chumail fosgailte
A' bruidhinn às dèidh na coinneamh, thuirt Drew Hendry, gun robh cùisean bàidheil, ach nach d'fhuair iad dad a dhearbhadh mu Ghearasdan Deòrsa no an t-ionad ann an Ceann Lois.
"Rinn sinn soillear gu bheil iomadach adhbhar - eaconomach, sòisealta agus dìon son Gearasdan Deòrsa a chumail a-mach às na gearraidhean.
Le taigh-tasgaidh air an làraich a tha a' tàladh luchd-turais, bidh saighdearan an Fhreiceadain Duibh stèidhichte anns a' ghearasdan.
Tha dragh ann ma dhùineas an àite mar ghearasdain gun dean e cron air an eaconomaidh ionadail.
Co-dhunadh a dh'aithghear
A-rèir Cheannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, tha 600 no 700 cosnadh an lùib a' ghearasdain agus bheireadh e fìor dhroch bhuaidh air an eaconomaidh, agus a' coimhead air bho thaobh na Gàidhealtachd, a bhith call na h-àireimh sin, bhiodh e gu math dràmadach.
'S e an MoD fear de na h-uachdarann as motha ann an Alba le oighreachd an ochd uidhir a mheudachd ri baile Ghlaschu.
Thuirt iad gun tèid a h-uile sgillinn bho bhith reic làraich a thilleadh gus a chosg air dìon air a leithid itealain fàire mara ann an Inbhir Lòsaidh no air na luing chogaidh ùra a thathas a' togail air Chluaidh.
"Ged nach eilear air co-dhùnadh a dhèanamh mu na làraich fhathast - tha an riaghaltas airson's gum bi àite leanntaineach aig dìon ann an Alba far a bheil airgead a bharrachd ga chosg leotha."
Tha dùil ri co-dhunadh air a' ghearasdan ro dheireadh na mìos.