Dà dhachaigh ùr do Scalpaigh

Drochaid Scalpaigh Image copyright Rude Health/Geograph

Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh ceum nas fhaisge air pròiseact taigheadais ann an Sgalpaigh a thoirt gu buil.

Fhuair an t-uachdaran coimhearsnachd còrr is £20,000 bho Stòras Fearainn na h-Alba airson an cuideachadh seann ionad cùraim atharrachadh airson dà àite-còmhnaidh a dhèanamh dheth.

"Dhùin an togalach bho chionn còig bliadhna," thuirt Cathraiche an Urrais, Calum MacAoidh.

"Bha e air a thairgsinn dhuinne an togalach a cheannach, agus rannsaich sinn dè ghabhadh dèanamh leis.

"Cho-dhùin sinn gun gabhadh dà àite-còmhnaidh a dhèanamh dheth.

"'S e sin aon taigh le dà sheòmar cadail ann, agus taigh eile le trì seòmraichean cadail ann.

"Tha fhios againn gu bheil iarraidh ann airson dachaighean air màl anns a' choimhearsnachd.

"Mar sin tha sinn an dùil an togalach a cheannach bhon Chomhairle, agus atharrachadh gu bhith na dhà àite-còmhnaidh.

"An t-airgead a tha sinn air fhaighinn aig an ìre seo, tha e dìreach airson an togalach a cheannach, agus airson ullachadh a dhèanamh airson atharrachadh gu bhith na dhà àite-còmhnaidh.

"An dèidh seo bidh sinn a' sireadh tuilleadh airgid airson an obair atharrachaidh a dhèanamh.

"Bidh sinn a' tòiseachadh air sin dìreach a-mach on an seo, an tuilleadh airgid a shireadh, agus an uair sin an obair a dhèanamh cho luath 's a ghabhas e dèanamh," thuirt e.