Taighean ùr ann an Slèite
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dùil gun tòisich obair-togail ro dheireadh na bliadhna-sa

12 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dòchas ann gum bi a' chiad chuibhreann de thaighean aig Baile ùr na Cille Bige ann an Slèite san Eilean Sgitheanach air an togail agus daoine a' fuireach annta ro thoiseach an fhoghair an ath-bhliadhna.

Tòisichidh an obair-togail air dà thaigh ùr, air àrainn cholaiste Sabhal Mòr Ostaig, ro dheireadh na bliadhna-sa.

Thèid an togail tro chompàirteachas eadar a' cholaiste agus Urras Taigheadais Choimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd.

Tha Calum MacIlleathain ag aithris.