Binn beatha ro dhrabastair à Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Chaidh rabhadh a thoirt do dh'fhireannach às Inbhir Nis a bha ag èigneachadh chloinne gum faodadh e binn beatha fhaighinn, aig an Àrd-Chùirt an Dùn Èideann Diciadain.
Chaidh Raibeart MacGriogair, 35, fhaighinn le deilbh dhrabasta de chloinn, agus chuidich sin na Poilis gus clann a dh'èignich e a lorg.
Thathas a' tuisginn gun do chlàr MacGriogair e fhèin ag èigneachadh na cloinne agus gun do chuir e na bhideothan air-loidhne gus am faiceadh daoine eile iad.
Chaidh rèid a dhèanamh air dachaigh MhicGriogair air Sràid nam Manach an Inbhir Nis na bu tràithe am-bliadhna.
Thuirt MacGriogair roimhe gun robh e ciontach de shia casaidean.
Dh'aidich e gun robh e ciontach de thrì casaidean gun do dh'èignich e balaich, gun tug e ionnsaigh dhabasta air òganach, gun do rinn e deilbh dhrabasta de chloinn agus gun do sgaoil e na deilbh sin.
Chuala a' Chùirt gun robh balaich eadar trì agus sia bliadhna a dh'aois am measg an fheadhainn air an tug e ionnsaighean.
Thuirt am britheamh, a' Bhana-Mhorair NicIlleMhìcheil, gun dèanadh i òrdugh measadh chunnartan agus gun lean a' chùis anns an Fhaoilleach an ath-bhliadhna.
Chaidh MacGriogair a chumail an grèim.