"Buannachd gun samhail"

Tha Lewis Wind Power, a' chompanaidh a tha am beachd Tuath-Gaoithe Steòrnabhaigh a thogail, ag ràdh gu bheil na buannachdan a tha iad a' tabhainn gun samhail.

A rèir na buidhne, gheibh croitearean faisg air £1m sa bhliadhna agus bidh cha mhòr £1m eile a' dol a-steach do stòras coimhearsneachd.

Tha iad air a bhith a' coinneachadh ri croitearean agus sluagh an àite gus ceistean sam bith a thaobh talamh ionaltraidh a fhreagairt agus gus cur an cèill dè na buannachdan a bhiodh ann do chroitearan na sgìre.