Fìdhleire ainmeil Shooglenifty air bàsachadh

Aonghas R Grannd Image copyright Shooglenifty

Chaochail an ceòladair ainmeil Aonghas R Grannd, a bhiodh a cluich leis a' chòmhlan Shooglenifty, aois 49.

Rugadh is thogadh e ann an Loch Abar, mac an fhìdhleire ainmeil chiotaich a thug dha ainm fhèin.

Chuidich e, le bhith an lùib Shooglenifty, ann a bhith a' cruthachadh nòs ciùil ùr air a bheil "acid croft", a tha na phòsadh eadar ceòl traidiseanta Ceilteach agus ceòl dannsa ùr-nodha.

Ged a chuir e a chùl ris an fhìdheil 's e na òige, thill e thuice, a dhèanamh rud dhith a spreagadh ùidh am measg òigridh, far an robh an ùidh sin a dhìth na òige-san.

A thuilleadh air a bhith a' nochdadh air an àrd-ùrlar, bha e tric ri fhaicinn cuideachd a' cluiche ann an seiseannan ciùil ann an taighean-sèinnse ann an Dùn Èideann agus air Ghàidhealtachd, 's e a' glacadh lioftaichean eatorra.

Thuirt an còmhlan gun do bhàsaich e Didòmhnaich an dèidh dha a bhith tinn greis.

Tha Shooglenifty aithnichte ann an Dùn Èideann agus cuideachd air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, far am bi iad tric air cuairt.

Chluich iad aig Fèis Cheilteach Innse Gall, Fèis Blas, agus aig Celtic Connections.

Bhiodh e a' cumadh ciùil cuideachd, le mòran den na puirt as aithnichte aig Shooglenifty air an cumadh leis, leithid, Two Fifty to Vigo, She's in the Attic, Nordal Rhumba, Glenfinnan Dawn agus Fitzroy Crossing.