An Ceannadach airson fuireach
- Air fhoillseachadh

Thuirt Fear-Gairm Coimisean na Croitearachd, Cailean Ceannadach, nach leig e seachad a dhreuchd.
Tha Mgr Ceannadach air a bhith fo chuideam seasamh sìos às deidh mar a dhèilig an Coimisean ri buaireadh nan comataidhean ionaltraidh.
Tha Mgr Ceannadach cuideachd a' fàgail air a' Choimisean nach robh ùghdarras aig a' choinneimh far an deach bhòtadh gus iarraidh air a dhreuchd fhàgail, agus gun deach a cumail an aghaidh riaghaltean a' Choimisein, leis gun robh e fhèin air a' chiad choinneamh den là a dhùnadh mus do choisich e a-mach àiste.
Bha Mgr Ceannadach a' bruidhinn air Sunday Politics Scotland.
Thuirt e gu bheil e fhathast den bheachd nach robh an Coimisean air càil a dhèanamh ceàrr a thaobh buaireadh nan comataidhean ionaltraidh, agus nach robh e a' dol a dh'fhàgail a dhreuchd.