Dh'fhaodadh ministearan an dhol an sàs

Cailean Ceanadach
Image caption Choisich Fear-Gairm a' Chomisein, Cailean Ceanadach, a-mach à coinneimh ann am Brùra air a' mhìos a chaidh.

Tha cumhachd aig ministearan Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs anns a' bhuaireadh a tha a' cuairteachadh Choimisean na Croitearachd, thuirt am Prìomh Mhininstear, Nicola Sturgeon.

Thabhainn an Coimisean leisgeul air a' mhìos a chaidh airson na dòigh san do làimhsich iad eas-aonta eadar iad agus croitearan a thaobh chomataidhean ionaltraidh, agus dh'iarr na buill air an Fhear-Ghairm aca a dhreuchd a leigeil dheth.

Cha do dh'fhàg Cailean Ceanadach an dreuchd bhon uair sin.

Thuirt a' Bh.Ph. Sturgeon nach biodh e àbhaisteach do mhinistearan a dhol an sàs ann an gnothaichean a' Choimisein.

Cleachdadh Ghoireasan

Ach, ann an Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir ann an Holyrood Diardaoin, thuirt i gu bheil reachdas a' toirt dhaibh cumhachd a dhol an sàs ma tha sin a dhìth.

Tha an Coimisean air a bhith aig teis-meadhain buairidh mu mar a tha talamh ionaltraidh air a ruith, gu h-àraid ann am bailtean Mhangurstaidh agus Chuil Uaraich ann an Leòdhas, far an deach comataidhean baile a chur às oifis, le constabail gan cur nan àite.

An dèidh dhan Fhear-Ghairm, Cailean Ceanadach, coiseachd a-mach à coinneimh ann am Brùra air 28mh an t-Sultain, thòisich na buill coinneamh eile às aonais, thabhainn iad leisgeul air croitearan nam bailtean air an tug am buaireadh buaidh, agus dh'iarr iad air Mgr Ceanadach a dhreuchd fhàgail.

Thog Ball-Pàrlamaid Lib-Deamach Shealtainn, Tabhais Scott, a' cheist aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

"Fhreagair a' Bh.Ph. Sturgeon: "Ghabhadh na goireasan a chleachd an Coimisean ann a bhith a' dèiligeadh ris na gnothaichean seo cleachdadh tòrr na b' fheàrr, nam bheachd-sa, ann a bhith a' riaghladh na croitearachd gu h-èifeachdach.

"Thug mi fa-near gun do dh'iarr na coimiseanairean gu h-aona-ghuthach air an Fhear-Ghairm falbh. Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba tuilleadh fiosrachaidh bhon Fhear-Ghairm a thaobh na thachair air an t-seachdain seo chaidh.

"Ged nach deadh an Riaghaltas an sàs gu h-àbhaisteach ann an gnothaichean am broinn buidhne neo-eisimeilich reachdail, tha an reachdas a' toirt chumhachdan do mhinistearan Albannach sin a dhèanamh nam biodh feum air."