Transocean Winner air an Hawk

An Transocean Winner air bòrd a' Hawk Image copyright MCA
Image caption Thug e mòran uairean a thìde am clàr fhaighinn a-mach às an uisge.

Shoirbhich leis an oidhirp clàr-ola an Transocean Winner a thogail air bòrd a' bhàta shònraichte an Hawk, a bhios ga ghiùlain a-mach às an Loch a Tuath ann an Leòdhas gu Malta.

Dh'èirich an Hawk air ais suas, an dèidh dhi a bhith air a cur fon uisge gus an clàr a thogail.

Tha an clàr a-nis a-mach às a' bhùrn agus thathas a-nis ga cheangal ri deic a' bhàta.

Tha dà mhìos ann bho thàinig an clàr-ola air tìr air taobh siar Leòdhais.

Chuir na suailichean maill air an obair an t-seachdain a chaidh.

Bha am bonn suaile a' fàgail nach robh e furasta, no sàbhailte, an clàr fhaighinn chun a' bhàta.

Truailleadh

Bha itealan le Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) san sgìre Diardaoin, agus ged nach deach truailleadh sam bith fhaicinn tron là chaidh mothachadh gun robh beagan ola sa bhùrn ro dheireadh an là.

Thathas a' dèanamh dheth gun robh suas ri 50 liotair air aodion.

Image caption An Transocean Winner madainn Dihaoine agus e air a thoirt a-mach às an uisge.

Thuirt an MCA gu bheilear den bheachd gun tàinig an ola bho pàirt den chlàr a bha air a mhilleadh agus gun deach ceumanan a ghabhail gus dèiligeadh ri sin.

Bha an t-itealan san sgìre Dihaoine a-rithist airson barrachd sgrùdaidh a dhèanamh agus thuirt an MCA nach deach tuilleadh ola fhaicinn.

Fuirichidh soithichean a bhios a' dèiligeadh ri truailleadh san sgìre gus am bithear cinnteach nach bi an còrr aodion ann.

Taingeil

Tha sgrùdadh ga dhèanamh air a' chlàr Dihaoine faic dè am milleadh a chaidh a dhèanamh air an Transocean Winner, agus thòisich an obair gus a' cheangal ri deic an Hawk airson gun gabh a thoirt gu Malta.

Dh'fhaodadh gum mair an obair sin ceithir no còig làithean.

Thuirt Riochdaire Rùnaire na Stàite airson Saoradh Mara, Ùisdean Seathach, gun robh e air a dhòigh gun do shoirbhich leis an oidhirp an clàr fhaighinn air bòrd an Hawk.

"Tha sinn cho taingeil airson an taic a fhuair sinn bhon choimhearsnachd, bhon àm a chaidh an clàr air na creagan sa Lùnastal sa chiad àite, agus tron phròiseas fhada a tha seo," thuirt e.