An Transcocean Winner a' dèanamh air a' Hawk

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Bheir e uairean a thìde an Transocean Winner fhaighinn air bòrd deic a' Hawk

Tha oidhirp a' dol sa Loch a Tuath ann an Leòdhas an clàr-ola, an Transocean Winner, fhaighinn air bòrd an t-soithich mhòir, a' Hawk.

Tha ceithir bàtaichean-slaodaidh beag a' cur a' chlàir os cionn deic an t-soithich, a tha an-dràsta corr is fichead meatair sìos san uisge.

Se pròiseas fada a bhios ann, ge-ta.

Dh'fhaodadh nach bi e air bòrd a' Hawk ceart gu meadhan oidhche a-nochd neo madainn a-màireach.

Tha a h-uile càil a crochadh air an t-sìde a tha air a bhith a' cur bacadh air an obair thuige seo.

Chuir na suailichean maill air an obair an t-seachdainn a chaidh.

Bha am bonn suaile a' fàgail nach nach e furasta, no sàbhailte, an clàr fhaighinn chun a' bhàta.

Feumaidh an t-suaile a bhith nas lugha na 0.3 meatair airson an obair a dhèanamh.

Bàta eile

Tha an clàr air a bhith aig acair san Loch a Tuath an dèidh dha a dhol air na creagan air taobh siar an eilein san Lùnastal.

Ma shoirbhicheas leis an luchd-saoraidh thèid an clàr a thoirt dhan Tuirc mar a bhathas an dùil an toiseach agus thèid a bhriseadh an-àrda ann an sin.

Mur a tèid aca air an clàr fhaighinn air bòrd a' Hawk ro Dhiluain feumaidh iad leigeil leatha falbh leis gu bheil cùmhnant eile aice-se.

Bhiodh aca ri bàta eile fhaighinn na h-àite agus an clàr a chuir air ais air na h-acraichean.

Tha bàta eile aca air a comharrachadh airson na h-obrach ma bhios sin a dhìth.

Tha i sin san Òlaind an-dràsta agus tha dùil gum bi i deiseil dhan obair a tha i a' dèanamh ann an sin ann am meadhan no deireadh na mìos.