Atharrachadh dhreuchdan aig MG ALBA

Iseabail Nic an t-Sagairt Image copyright MG ALBA
Image caption Bho seo a-mach, bidh dreuchd Iseabail Nic an t-Sagairt, stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd na buidhne, ga leudachadh, agus tha dreuchd ùr gu bhith ann - Deasaiche Coimiseanaidh, a bhios le uallach airson prògraman ùra iarraidh.

Tha MG ALBA, a bhios a' ruith BBC ALBA, ann an co-bhonn ris a' BhBC, air atharrachadh eile fhoillseachadh anns na dreuchdan àrda aca.

Tha seo às dèidh dha Ailean Esslemont innse gum bidh esan a' fàgail mar Cheannard Phrògraman.

Bho seo a-mach, bidh dreuchd Iseabail Nic an t-Sagairt, stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachd na buidhne, ga leudachadh, agus tha dreuchd ùr gu bhith ann - Deasaiche Coimiseanaidh, a bhios le uallach airson prògraman ùra iarraidh.

"Gu ìre tha seann dreuchd Ailein Esslemont ga roinn na dà leth," thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt.

Ro-innleachdail

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin na chomharra air gu bheil sinn ag aithneachadh gum feum sinn a bhith a' coimhead ann an dòigh nas ro-innleachdail a thaobh nam com-pàirteachan a th' againn, mar eisimpleir leis a' BhBC.

"Agus a' faicinn a bheil dòighean nas èifeachdaiche dhuinn a bhith a' faighinn barrachd airson an t-sianail a thaobh sin.

"Ach a thaobh obair làitheil, a thaobh a bhith a' dèanamh cinnteach mu thlachd nam prògraman 's mar sin air adhart, tha sin gu bhith air a roinn.

"Oir tha obair ùr gu bhith ann. Thèid Deasaiche Coimiseanaidh fhastadh cuideachd.

"'S e àm freagarrach a th' ann dhuinne a bhith a' coimhead, le cairt ùr gu bhith aig a' BhBC, a bheil barrachd as urrainnear a bhith a' dèanamh gus cur ris an t-sianal, mar eisimpleir a thaobh phrògraman cloinne 's mar sin air adhart.

Beàrnan

"Ach cuideachd a' coimhead air dè na buidhnean eile is urrainn dhuinn a bhith a' togail cheanglaichean nas dlùithe ris.

"Tha a h-uile duine againn ag obair trang airson a bhith a' togail air soirbheachas an t-sianail oir tha sinn mothachail gu bheil e air a bhith soirbheachail gu ruige seo, agus 's e ceannas an t-sianail a th' air a bhith air cùl sin eadar Ailean Esslemont agus Mairead Màiri Mhoireach còmhla.

"Agus tha sinn mothachail gu bheil beàrnan ann.

"Tha beàrnan ann a thaobh naidheachdan air an deireadh-sheachdain mar eisimpleir, a thaobh phrògraman cloinne mar a thuirt mi, agus cuideachd a thaobh phrògraman dibheirsein 's comadaidh agus airson luchd-ionnsachaidh.

"'S mar sin dheth, tha sinn mothachail, ged a tha an sianal air a bhith uabhasach soirbheachail, gu bheil beàrnan ann, agus tha sinn airson a bhith ag obair gu math cruaidh agus dlùth gus dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' tabhann clàr a tha slàn airson luchd-cleachdaidh na Gàidhlig, ach cuideachd gum bi e feumail fhathast airson luchd-coimhead nàiseanta cuideachd," thuirt i.