Fosgladh Sàbaid ISL ga dhiùltadh

Ionad Spors Leòdhais

Bhòt làn-choinneamh de Chomhairle nan Eilean Siar 19-9 an aghaidh a bhith a' fosgladh Ionad Spòrs Leòdhais (ISL) air an t-Sàbaid.

Nochd a' chùis air beulaibh na làn-Chomhairle às dèidh do Chomataidh Poileasaidh agus Stòrais an ùghdarrais bhòtadh 9-2 an aghaidh an iarrtais na bu thràithe air an là.

Bha a' bhuidheann Families Into Sport and Health (FiSH) ag iarraidh gun deadh an t-ionad fhosgladh co-dhiù trì uairean de thìde air an t-Sàbaid, mar sgeama pìleat fad bliadhna.

Tha iomairt air a bhith a' dol fad bhliadhnaichean airson ISL fhosgladh seachd là san t-seachdain.

'S ann bho chionn ghoirid ge-tà, a thòisich a' bhuidheann FiSH a' coiteachadh an ùghdarrais ionadail, a tha a' ruith an ionaid, mun chùis.