Buannachd £1m bho Thuath-ghaoithe Steòrnabhaigh?

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an leasachadh a' crochadh air càball-mara

Dh'fhaodadh croitearan buannachd de chòrr is £1m fhaighinn à Tuath-ghaoithe Steornabhaigh, a bharrachd air an £900,000 a thathas an dùil a bhios ri fhaotainn do choimhearsnachdan na sgìre.

Sin an teachdaireachd a bhios aig Urras Steòrnabhaigh agus Lewis Windpower - an dà bhuidhinn a th' air cùl a' phròiseict - aig coinneamhan poblach an ath-sheachdain.

Canaidh iad cuideachd ge-tà, gu bheil an leasachadh a' crochadh air càball-mara eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr - agus chan eil dùil ri co-dhùnadh mu dheidhinn sin gu deireadh na h-ath-bhliadhna.

Bidh airgead ri fhaighinn do chroitearan aig a bheil talamh ionaltraidh taobh a-staigh chrìochan an tuath-gaoithe.

Bidh na coinneamhan ann air an 10mh là den Dàmhair ann an Ionad Stoodie anns an Rubha agus air an 11mh là ann an Talla-Bhaile Steòrnabhaigh - an dà choinneimh a' tòiseachadh aig 7:00f.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh