An seachdamh tiotal aig a' Bhail' Ùr

Sgioba a' Bhail' Ùr Image copyright Neil G Paterson

Tha an seachdamh tiotal Prìomh Lìog Marine Harvest aig Bàil' Ùr an t-Slèibh agus iad a' dèanamh a' ghnothaich 7-1 air Ceann Loch Seile.

Fhuair an cluicheadair Glen Mac an Tòisich 5 de na tadhail dhan Bhail' Ùr.

Fhuair Mac an Tòisich trì tadhail ann an deich mionaidean sa chiad leth.

Fhuair Tormod Caimbeul agus Iain Robinson na tadhail eile. Fhuair Keith MacRath tadhal do Cheann Loch Seile aig 5-0.

Bhuannaich sgioba Bhàideanach an tiotal ged a tha trì geamannan aca fhathast ri chluich.

Chaidh aig sgioba an Eilein Sgitheanaich air an dòchas a chumail gum fuirich iad san lìog agus iad a' bunannachadh 2-1 an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich ann am Port Rìgh.

Feumaidh na Sgitheanaich fhathast a dhol a chluiche Bhail' Ùr an t-Slèibh ach tha e nas coltaiche a-nise gun crìochnaich iad anns an dàrna àite bhon bhonn seach gun do rinn Loch Abar a' chùis air sgioba a' Ghearasdain 1-0 agus cha robh tadhal idir sa gheama eadar Gleann Urchadain agus Caol Bhòid.

Fhuair Cill Mhàilidh tiotal Roinn Nàiseanta na bliadhna - fhuair iad an cuach an dèidh dhaibh buannachadh 3-2 aig an taigh an aghaidh na Manachainn.