Dànach an dàrna uachdaran as motha an Alba

Oighreachd Pholla Image copyright Redsalmon/Geograph
Image caption 'S e na tha fa-near dha Mgr Holch Povlsen uiread 's is urrainn dha de "thalamh nàdarra" a cheannach airson a dhìon.

'S e fear-gnothaich às an Danamhairg a-niste an dàrna uachradan prìobhaideach as motha ann an Alba.

Cheannaich Anders Holch Povlsen dà oighreachd ann an Cataibh, a thuilleadh air an oighreachd a th'aige ann am Bàideanach.

'S ann le Mgr Holch Povlsen a tha an sreath bhùithtean aodaich Best Sellers.

Thathas a' tomhas gu bheil a' ghniomhachas aig luach mu £4.5bn.

Tha e air meall fearainn a cheannach air a' Ghàidhealtachd, agus tha e a-niste air dà oighreachd eile, ann an Cataibh, a chur ris na th' aige.

27,000 Acair

Cheannaich e oighreachd Srath Mòr, faisg air Allt na h-Eirbhe, agus Oighreachd Pholla, aig ceann Loch Euraboil, faisg air Diùrnais.

Chosg e £8m orra, le 27,000 acair eadar an dà oighreachd.

Tha a-niste mu 240,000 acair de dh'Alba aige.

Chan eil ach aon duine, Diùc Bhuccleuch, aig a bheil barrachd fearainn ann an Alba.

'S e na tha fa-near dha Mgr Holch Povlsen uiread 's is urrainn dha de "thalamh nàdarra" a cheannach airson a dhìon.

Tha seo air connspaid adhbharachadh, le luchd-iomairt ag ràdh nach eil e seasmhach uiread fearainn a bhith le cho beag dhaoine, agus gu bheil e a' cur bacadh air an eaconamaidh air an tuath.

Cuideachd, seach gur e saorannach Dànach a th' ann, bidh e a' pàigheadh chìsean anns an Danmhairg air na th' aige de dh'fhearann an Alba.

Chan eil cìs ga cur air fearann ann an Alba.