Aodion ola an iar air Sealtainn

Clàr Clair

Tha BP a' diùltadh innse dè na chaill iad de dh'ola bho chlàr Clair, far Shealtainn.

Ach, thuirt iad gu bheil iad an dòchas gun sgaoil e anns a' mhuir gu nàdarra.

Bha iad cuideachd ag ràdh gum faicear ola air uachdar na mara, ach gu bheil an truailleadh a' gluasad a-mach gu muir agus air falbh bho Shealtainn.

Bha an ola ag aodion airson suas ri uair de thìde Didòmhnaich.

Tha sgioba shònraichte a bhios a' dèiligeadh ri truailleadh ola agus Riaghaltas Bhreatainn a' coimhead ris an t-suidheachadh.

Thòisich an trioblaid madainn Didòmhnaich air clàr-ola Clair an iar air Sealtainn.

Thòisich an ola ag aodion bhon ionad mu 10:00m.

Chan eil e soilleir fhathast dè na chaidh a sgaoileadh de dh'ola, no an deach milleadh a dhèanamh air an àrainneachd.

Thuirt BP gur e adhbharan teicnigeach a dh'adhbhraich an trioblaid, agus gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh feuch dè dìreach a thachair.

Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh san tachartas.

Chaidh fios a leigeil gu Roinn Gnothachais, Cumhachd agus Ro-Innleachd an Riaghaltais, agus cuideachd gu Oil Spill Response Eta - buidheann a th' air a maoineachadh leis a' ghnìomhachas fhèin.

Chan eil fhios fhathast dè cho fada 's a bhios an clàr ola dùinte.