Faochadh do HIE?

HIE Image copyright HIE

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach eil Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) ann an cunnart.

Bha dragh ann gur dòcha gun deadh HIE a dhùnadh, agus an obair aca a chur fo sgèith Iomairt na h-Alba.

Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a' dèanamh ath-sgrùdaidh air obair Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, no HIE, agus Iomairt na h-Alba.

Chaidh buidseatan agus àireamh an luchd-obrach aig HIE a lùghdachadh thar nam bliadhnaichean, agus tha cuid air a' bhuidheann a' càineadh, ag ràdh nach eil iad èifeachdach tuilleadh nan dleastanas a bhith a' toirt leasachaidh eaconamaich don Ghàidhealtachd agus do na h-Eileanan.

A' freagairt ceist sa Phàrlamaid Diardaoin bhon BhPA Uaineach Iain Finnie, thuirt Prìomh Mhininstear na h-Alba, Nicola Sturgeon, nach robh a' bhuidheann ann an cunnart.

"Saoilidh mi gum bi Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' dèanamh obair mhìorbhaileach, 's tha iad air obair mhìorbhaileach a dhèanamh thar an leth-cheud bliadhna mu dheireadh," thuirt i.

"Faodaidh mi dearbhadh a thoirt don Bhall gun dèan sinn cinnteach gu bheil a' bhuidheann ann an suidheachadh gus leantainn orra a' toirt seachad nan seirbheisean air leth aca do Ghàidhealtachd na h-Alba."

Chuir Mgr Finnie fàilte air an naidheachd, agus dh'iarr e gun deadh buidheann ùr a stèidheachadh gus na rinn HIE don cheann a tuath a dhèanamh airson ceann a deas na h-Alba cuideachd.

Tha HIE diofraichte bho Iomairt na h-Alba, agus dleastanas aca airson leasachadh coimhearsnachd a bhrosnachadh, a thuilleadh air an eaconamaidh choimearsalta a-mhàin.