Ceist mu choinneimh maoineachadh LEADER

Airgead Image copyright PA

Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar gum fulaing na h-eileanan agus mì-chinnt ann mun sgeama leasachaidh, LEADER, an dèidh na bhòta 'son falbh às an Aonadh Eòrpach, bho a bheil an stòras airgid a' tighinn.

Ged a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' gealltainn gun lean feadhainn de na subsadaidhean Eòrpach suas gu 2020 chan eil LEADER nam measg.

"Cha robh dùil againn ri seo," thuirt Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid.

"Bha dùil againn gun robh LEADER air slighe mhath. Bha tòrr obrach air a dhèanamh ro-làimh. Bha tòrr iarrtasan a' tighinn a-steach. Bha a' phoit làn.

Mì-chinnt

"Ach fhuair sinn fios aig a' choinneimh againn an t-seachdain seo nach eil a' chùis cho math 's a bha dùil againn.

"Tha fios a' tighinn bho Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir dhuinn a bhith a' cur bacadh air a' phròiseact san fharsainneachd air sgàth na mì-chinnt mu dheidhinn Brexit.

"Tha feadhainn de na pròiseactan air aonta fhaighinn mar thà.

"Tha feadhainn eile an ìre mhath deiseil airson comataidh LEADER aontachadh riutha.

"Tha seo a' cur mì-chinnt mu dheidhinn na cùise.

"An fheahdainn a chaidh troimhe agus a fhuair aonta, chan eil trioblaid sam bith an sin.

"Ach tha sinn a' faicinn gum feum pròiseactan ùra a bhith a-staigh ro dheireadh na Samhna.

"'S e an t-eagal a th' oirnne, bha LEADER a' dol a sheasamh gu 2020, agus mur an urrainn dhuinn an t-airgead a chur a-mach tha call mòr gu bhith ann dha na h-eileanan, 'son tha pròiseactan math a-staigh mar thà, agus bha sinn an dòchas gum b' urrainn dhuinn aontachadh riutha.

"Tha LEADER air feum mòr a dhèanamh dha na h-eileanan. Pròiseactan beaga coimhearsnachd. Agus mar a tha an t-suidheachadh an-diugh tha e cho duilich airgead a lorg, agus seo poit a bha gu bhith gu math feumail dha iomadach pròiseact anns na h-eileanan.

"Tha sinn an dòchas aig deireadh an là gum faigh sinn a' mhòr-chuid de na pròiseactan troimhe, ach 's e mì-chinnt am facal a th' againn a-nis."