Bonn na Beinne

Bha coltas na bu chomhartail air Jeremy Corbyn air an àrd-ùrlar an-diugh.

Is beag an t-iongnadh às dèidh mar a chaidh a thaghadh an dàrna uair taobh a-staigh bliadhna le barrachd taic na bha aige anns a' chiad dol a-mach.

Chuir 62% den luchd-bhòtaidh taic ri Mgr Corbyn, ann am farpais a dh'adhbhraich buill-phàrlamaid gus a ghrèim air a' phàrtaidh a lagachadh.

Is e is gun deach a daingneachadh.

Tha ballrachd a' phàrtaidh air cùl Mhgr Corbyn, agus tha tòrr dhiubh ann - le còrr is leth-mhilean ball is iad am pàrtaidh as motha air taobh siar na Roinn Eòrpa.

Bha na buill ùra sin gu mòr am follais anns an talla.

Taic

Ach tha cùisean a' coimhead eadar-dhealaichte air an taobh a-muigh.

Tha na Làbaraich - agus an ceannard ùr aca - a' luinneanachadh anns na cunntasan-beachd air thoiseach air sreath eile de thaghaidhean an ath-bhliadhna.

Dh'aidich Jeremy Corbyn sin an-diugh.

Thuirt e gun robh beinn aca ri sreap gus toirt air daoine nach do chuir taic riutha an-uiridh am beachd atharrachadh.

Chum e a-macha, ge-tà, gum b' urrainn dhaibh am mullach a ruighinn nan cumadh iad aire air an luchd-bhòtaidh le teachd a-steach meadhanach agus ìosal.

Ach, mar a dh'innis Mgr Corbyn don cho-labhairt, ma dh'fhaodte gum bi aca ri sreap gu luath.

Sòisealachas

As bith dè chanas am prìomhaire, thuirt e, bha gairm taghaidh choitchinn an ath-bhliadhna na roghainn dhi.

Mar sin, is dòcha nach bi tòrr ùine aca gus taic fhaighinn airson "sòisealachas na ciad linne fichead".

A rèir fianais na h-òraid seo, tha e gu math coltach ri dreach na ficheadamh linne.

Tha Mgr Corbyn a' moladh, mar eisimpleir, gun tèid a' chìs chorparaid a chur suas gus pàigheadh airson "Seirbhis Foghlaim Nàiseanta".

Cha tòrr sin buaidh ann an Alba far a bheil foghlam fo smachd Holyrood.

Ach bha na Làbaraich an aghaidh smachd fhaighinn air a' chìs chorparaid - an cleachd Kezia Dugdale am fèin-riaghladh ùr aice gus cur an aghaidh àrdachadh na cìse?

Roghainn

Thàinig cruth-atharrachadh air a' phàrtaidh Làbarach o chaill Ed Miliband an-uiridh.

Tha Mgr Corbyn a' creidsinn gu bheil an saoghal ag atharrachadh cuideachd, agus gu bheil daoine ag iarraidh roghainn eile seach an nua-libearalachas briste a thug an cruaidh-chas gu buil.

Tha a' mhòr-chuid de bhuill-phàrlamaid a' phàrtaidh fhathast teagmhach dhà-rìribh.

Ach dè eile as urrainn dhaibh dèanamh?

Ged a thigeadh e an ath-bhliadhna no ann an 2020 is coltach a-nis gum bi cothrom aig Jeremy Corbyn roghainn a thoirt don dùthaich.

An uair sin nì an luchd-bhòtadh an taghadh.