Burke a-staigh aig County

Chris Burke Image copyright SNS

Dhearbh Ross County gu bheil iad air cùmhnant a thoirt do Chris Burke gu deireadh an t-seusain.

Tha Burke, 32, air cluiche do dh'Alba seachd tursan.

Thòisich Burke aig Rangers, is tha e bhon uairsin air cluiche do Chardiff, Birmingham agus Nottingham Forest.

Bha e mu dheireadh air iasad aig Rotherham United.

Bha e air a bhith a' trèanadh còmhla ri Cill Mheàrnaig bho chionn ghoirid.

"Tha sinn air ar dòigh Chris a thoirt dhan chluba", thuirt manaidsear Chounty, Jim Mac an t-Saoir.

"Bheir e dhuinn roghainnean a bharachd air na cliathaich, is tha cuideachd tòrr eòlais aige is e air cluiche aig an ìre as àirde", thuirt Mac an t-Saoir.

Tha County an-dràsta san t-siathamh àite sa Phrìomh Lìog.