Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aiseagan

Tha na h-uimhir de mhaill air seirbheisean aiseig air a' chosta an iar an-diugh eadar droch aimsir agus an tubaist a bha aig an Hebrides ann an Loch nam Madadh a' bhòn-dè. Cha bhi seòlaidhean idir ann an-diugh eadar Uibhist agus Tìr-Mòr no eadar Barraigh agus Tìr-Mòr. Tha sgrùdadh ann an Loch nam Madadh an-diugh air a' phontùin anns an do bhuail an Hebrides, ach tha fear de chomhairlichean na sgìre, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gu bheil ceistean ann a-nist a bheil am pontùin sin anns an àite as fheàrr.

Dotairean

Thèid iarraidh air Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd, aig coinneimh a' bhùird an-diugh, atharrachadh mòr a thoirt air seirbheisean slàinte taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach. Tha iad a' moladh còig sgìrean iomallach air a' Ghàidhealtachd fhàgail gun dotair teaghlaich bho fheasgar gu madainn agus tha feadhainn a' gearan gu bheil am Bòrd Slàinte a' cur cùmhnadh airgid air thoiseach air beatha dhaoine.

Deasbad

Thilg Hillary Clinton agus Dòmhnall Trump casaidean air a chèile anns a' chiad deasbad beò air an telebhisean ann an iomairt taghaidh a' Chinn-Suidhe anns na Stàitean Aonaichte. Thuirt an tagraiche Poblachdach, Mgr Trump, nach eil lùths aig an Deamocrat, a' Bh.Ph. Clinton, airson na h-obrach. Thug ise an aghaidh airsan oir gu bheil e a' diùltadh fiosrachadh mu chìsean fhoillseachadh.

Ineos

Tha a' chiad luchd de ghas guail às na Stàitean Aonaichte a' tighinn a dh'Alba an-diugh gu ionad giollachd na companaidh Ineos ann an Inbhir Ghrainnse. Ach tha an gnothach connspaideach agus deasbad ann mun dòigh anns a bheil an gas sin ga thoirt am bàrr leis a' phròiseas ris an canar fracadh. Tha Ineos airson tòiseachadh air fracadh ann an Alba ach chuir Riaghaltas na h-Alba casg air sin an-dràsta.

Ola agus Gas

Tha aithisg ùr bho Oil and Gas UK ag ràdh gun do dh'èirich toradh a' ghnìomhachais anns a' Chuan a Tuath airson an dàrna bliadhna ann an sreath, an dèidh ùine de chrìonadh mòr. Ach tha an aithisg ag ràdh gum feumar tuilleadh airgid a chosg air innleachd ùr an àite uidheamachd a tha a' fàs sean, agus gum feum barrachd rannsachaidh a bhith ann airson raointean gas agus ola ùra.

Ben Needham

Thuirt poilis a tha a' rannsachadh cùis Ben Needham anns a' Ghrèig gun tàinig stuth anns a bheil beagan de dh'ùidh aca am follais anns a' chiad phàirt de chladhach air an do thòisich iad an-dè. Cha robh Ben, a bhuineadh do Sheffield, ach bliadhna gu leth de dh'aois nuair a chaidh e a dhìth air Eilean Kos ann an 1991. Tha poilis den bheachd gur dòcha gun deach an leanabh a thìodhlacadh an dèidh a phronnadh gun fhiosta fo bulldozer.

Clàr-ola

Tha dòchas ann a-niste gun tèid an clàr-ola Transocean Winner a chur air an t-soitheach an Hawk air an deireadh-sheachdain seo. Chuir an sgioba, a tha os cionn na h-obrach anns an Loch a Tuath ann an Leòdhas, an deireadh-seachdain seo chaidh seachad ag ullachadh ach dh'atharraich an aimsir agus cho-dhùin iad nach biodh ùine gu leòr aca an obair a dhèanamh gu sàbhailte. Tha dùil ri sìde nas fheàrr ro dheireadh na seachdain seo.