Deich bliadhna de Stòras Uibhist

Loch Baghasdail
Image caption Chaidh an oighreachd a ghabhail thairis anns an Dùbhlachd 2006

Chùm Stòras Uibhist cuirm choimhearsnachd Disathairne 's iad a' comharrachadh gu bheil cha mhòr deich bliadhna ann bho ghabh iad thairis an oighreachd.

B' ann anns an Dùbhlachd ann an 2006, às dèidh iomairt a mhair còrr air trì bliadhna, a fhuair muinntir an àite sealbh air an oighreachd a tha a' gabhail a-steach Uibhist a Deas, Beinn nam Fadhla agus Èirisgeidh.

Ged a tha obair air thoiseach orra fhathast, tha cathraiche na buidhne, Aonghas MacIlleMhaoil, ag ràdh gu bheil iad air cosnaidhean a chruthachadh agus gu bheil iad air cur ri luach na h-oighreachd.

Chosg an oighreachd £4.5m ann an 2006 ach a-nis, le tuath-gaoithe ann an Loch a' Chàrnain agus caladh ùr ann an Loch Baghasdal a-measg eile, tha luach na h-oighreachd air èirigh gu còrr is £30m.

Misneachd

Tha Mgr MacIlleMhaoil cuideachd a' dèanamh dheth gu bheil an sluagh nas misneachaile an-diugh na bha iad mus do ghabh iad smachd air an fhearann aca fhèin.

"Chanainn-sa gur e an rud as motha, tha misneachd aig daoine a-nis - tha misneachd aig a' choimhearsnachd, tha misneachd aig muinntir an àite gun tig aca air coimhead ri gnìomhachas a chuir air aghaidh".

"Tha misneachd aca gun tig aca, tha mi an dòchas, ri coimhead air fuireach anns na h-eileanan a tha seo an àite dìreach a h-uile duine a bhith a' tarraing mar a bha iad aig an àm".

Chaidh tiodhlaic a thoirt dhan a h-uile leanabh a rugadh air an oighreachd ann an 2006 - agus a tha a' fuireach ann fhathast - airson an ceann-bhliadhna a chomharrachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile