Co-labhairt mu chanàlan an Inbhir Nis

Canàl Oakham Image copyright (C) British Broadcasting Corporation
Image caption Thèid coimhead ri na dùbhlain a tha an coìs a bhith a' cumail chanàlan aig ìre

Bidh cuid de phrìomh eòlaichean air canàlan an t-saoghail a' coinneachadh ann an Inbhir Nis an t-seachdainn-sa.

Bidh tosgaire Phanama a Bhreatainn a-measg na bhios a' bruidhinn ann le dùil ri eòlaichean cuideachd às na Stàitean Aonaichte, à Canada agus à Sìona.

Bidh iad a' beachdachadh air atharrachadh na sìde, mar a ghabhas canàlan a bhith air an cleachdadh airson bailtean ath-bheothachadh, agus mar a ghabhas an cuir gu feum airson luchd-turais a thàladh.

Thèid coimhead cuideachd ri na dùbhlain ensineeridh a tha an cois a bhith gan cumail aig ìre.

Bidh an tachartas a' ruith eadar Diluain agus Diardaoin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile