Saga Pearl II
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Soitheach mòr ann an Loch Baghasdail

8 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha sealladh ri fhaicinn ann an Loch Baghasdail Diardaoin agus soitheach mòr turasachd a' tadhal air a' bhaile 'son a' chiad uair bhon a dh'fhosgail an caladh ùr.

Ghabh a' mhor chuid de na 400 luchd-siubhail a bh'air bord an cothrom a dhol air tìr agus cuairt a ghabhail timcheall Uibhist - a' toirt togail do ghnìomhachasan turasachd aig deireadh an t-seusain.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.