Uisge Uibhist a Tuath ga leasachadh

Loch nam Madadh Image copyright Des Colhoun/Geograph

Tòisichidh pròiseact ùr luach £15m 'son leasachadh a thoirt air siostam an uisge ann an Uibhist a Tuath an ath-sheachdain.

'S e Uisge na h-Alba a tha ga chur air adhart, is dùil, a bharrachd air siostam an uisge a leasachadh, gum bi e cuideachd na bhuannachd a thaobh obraichean a chruthachadh.

"Tha an obair seo aig companaidh às an àite fhèin, 's tha sin math fhaicinn," thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Uisdean Robasdan.

"Agus tha iad a-mach gu tairgse an-dràsta tha mi a' tuigsinn airson an obair airson ionad giollachd ùr an uisge ann an Loch nam Madadh, agus bidh sin airson Uibhist a Tuath uile.

"Bidh buannachd uabhasach ann. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dol a dhèanamh diofair dhan chompanaidh seo fhèin a thaobh luchd-obrach a chumail air.

"Chan eil obraichean eile den t-seòrsa a' dol aig an àm agus nuair a tha seo deiseil bidh obair an togalaich fhèin ann, agus tha mi a' smaoineachadh às dèidh sin gu bheil Uisge na h-Alba a' coimhead ri tòrr obrach a dhèanamh an Uibhist a Deas cuideachd.

"Mar sin 's e buannachd mhòr a bhios ann do dh'Uibhist uile," thuirt e.