"Dòchas" mun Chlò Mhòr

Beart

Thuirt àrd-stiùiriche Clò Mòr Innse Gall gu bheil e dòchasach mu na tha an dàn dhan ghnìomhachas, a dh'aindeoin lagachadh ann an iarrtas airson a' chlò.

Dh'innis na muilnean sna h-Eileanan Siar nach eil iad air a bhith cho trang 's is àbhaist aig an àm seo den bhliadhna.

Thar na bliadhna mu dheireadh tha eadar 20 agus 30 breabadairean ùra air tòiseachadh ag obair sa ghnìomhachas, agus tha dragh ann gur dòcha nach bi gu leòr obrach ann dha na breabadairean uile.

"Chan eil adhbhar cus dragh a bhith air duine, 's e a th' ann ach lagachadh nàdarra mun àm seo den bhliadhna," thuirt àrd-stiùiriche Clò Mòr Innse Gall, Aonghas MacCoinnich.

"Chanainnsa gu bheil sinn cho dòchasach mun chompanaidh seo 's a bha sinn riamh.

"Bidh Taisbeanadh Pharis ann an ceann cola-deug, agus gheibh sinn deagh bheachd an uair sin air mar a bhios an ath-sheusan.

"Chan eil duine a' ceannach clò mòr san Lùnastal, 's tha an Roinn Eòrpa air a bhith gu math teth. Chan eil duine a' dol a-mach a choimhead airson bonaid chlò mòr, no cota chlò mòr aig an àm seo.

"Tha sinne fortannach gu bheil luchd-ceannaich fharsainn againn a bhios a' ceannach stuthan eile seach aodach - tha àrnais gu math cudromach dhuinn a-niste - agus tha sin dualtach beagan sàbhailteachd a thoirt dhuinn," thuirt e.