"Cha d' fhuair a' Chomhairle sgillinn ruadh"

Caisteal Inbhir Nis Image copyright Thinkstock

Cha d' fhuair Comhairle na Gàidhealtachd sgillinn ruadh bho Aonta Baile Inbhir Nis, sia mìosan bho chuir iad an ainm ris.

Thàinig seo am bàrr is ceannard na Comhairle a' freagairt ceist bho fhear de chomhairlichean a' bhaile.

Sa Mhàrt seo chaidh chuir Riaghaltas Westminster, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd an ainm ri aonta baile do dh'Inbhir Nis.

Tha luach còrr 's £300m ann.

Fhuair a' Chomhairle £3m bho Riaghaltas Westminster nuair a bha Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, a-bhos as t-Samhradh.

Tha iad a' cur sin a dh'ionnsaigh a' phròiseict airson Caisteal Inbhir Nis fhosgladh do luchd-turais.

Ach, a' freagairt ceist a chuir fear de chomhairlichean baile Inbhir Nis oirre, thuirt ceannard na Comhairle, Màiread NicDhàibhidh, nach robh iad air sgillinn fhaighinn fon aonta bho chuir iad an ainm ris.

Thuige seo tha iad air còrr 's £600,000 fhoatainn airson pròiseactan foghlaim, slàinte agus eaconamach san sgìre

Chan eil fios cinnteach ann cuin a gheibh iad an t-suim airgid a tha seo.