An Rubha is na Lochan gus strì

Gàrrabost
Image caption Bidh sluagh mòr aig pàirc an Rubha Diciadain.

Bidh an geama mu dheireadh ann an Lìog Lèodhais is na Hearadh ann oidhche Chiadain agus an Rubha is na Lochan gus farpais aig Garrabost 'son an tiotail.

Tha na Lochan ag amas air grèim a chumail air an duais a bhuannaich iad an-uiridh.

Tha na Rubhaich air a bhith a' feitheamh nas fhaide is iad gun Lìog Leòdhais is na Hearadh a bhuannachadh bho 2004.

Bha seusan air leth aig an dà sgioba.

Tha iad le chèile air dìreach aona gheama lìge a chall thuige seo.

Faisg

A bharrachd air a bhith co-ionnan air puingean, chan eil ach trì tadhail eadar na sgiobaidhean.

Rinn na Lochan a' chùis air an Rubha 2-0 aig a' Chreagan Dubh sa Chèitean.

'S ann an aghaidh Nis, tràth san t-seusan, a chaill na Lochan an geama acasan.

Bha a' bhuille ud na pàirt de thoiseach-tòiseachaidh car robach aig na Lochan.

Chuir iad sin air an cùlaibh is na tadhail air a bhith a' frasadh a-steach bhon uairsin.

Cupanan

Chaidh an sgioba dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Amaitearachd na Gàidhealtachd, is tha iad sa chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais an aghaidh Chàrlabhaigh an ath-sheachdain.

Tha leithid Raibeirt MhicCoinnich is Jim O'Donnell air a bhith am measg nan tadhal, is Dàibhidh Mac a' Mhaoilein na chunnart bho mheadhan na pàirce.

Sgioba làidir bho chùl gu aghaidh a tha seo ge-tà, is na duaisean aca 'son a dhearbhadh.

Tha cupa aig an Rubha mar thà am-bliadhna, is iad air Cupa Jock Stein a bhuannachadh an aghaidh an Taobh Siar san Òg-Mhìos.

Tha na Deargaich iad fhèin cunnartach, le Wally MacÌomhair tric air an targaid am-bliadhna.

Air ais

Tillidh cuideachd Aonghas Òg Dòmhnallach dhan sgioba às dèidh dha a bhith air a chasg an aghaidh an Taobh Siar oidhche Haoine.

'S e sgioba òg a tha seo a bhios a' faireachdainn gu bheil an là aca air tighinn.

Thàinig Cupa Eilein an Fhraoich a Chàrlabhagh às dèidh dhan Transocean Winner nochdadh an sin, is bidh na Rubhaich an dòchas gum bi an clàr-ola a cheart cho fialaidh riuthsan is i a-nise faisg air làimh san Loch a Tuath.

Tòisichidh an geama ann an Garrabost aig 6:30f Diciadain is dùil ri sluagh mòr.

Thèid an tiotail dhan sgioba a bhuannaicheas.

Ma bhios iad co-ionnan air a' cheann thall, bidh feum air geama dearbhaidh 'son gnothaichean a rèiteachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile