Adhartas le ionad Eas Shìn

Ionad Turasachd Eas Shìn
Image caption Chaidh "Harrods a' Chinn a Tuath", mar a bhathas a' gabhail air, a mhilleadh le teine ann an 2013.

Tha a' bhuidheann choimhearsnachd a th' air cùl phlanaichean airson ionad ùr a thogail aig Eas Shìn ann an Cataibh a' sireadh thagraidhean bho chompanaidhean a dh'fhaodadh a dhol na lùib.

'S e ann leis an fhear-ghnothaich ainmeil Mohammed al-Fayed a bha an t-seann ionad turasachd, a chaidh a sgrios le teine ann an 2013.

Tòisichidh obair air an ionad ùr air an ath-mhìos.

Bidh bùth agus taigh-bìdhe na chois.