"Misneachd" mu chùram Ospadail a' Bhelford

Ospadal a' Bhelford

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad misneachail mun chùram a tha ri fhaighinn aig Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.

Tha seo a' tighinn às dèidh aithisg a tha a' sealltainn gu bheil ìre-bàis an ospadail nas àirde na an ìre chuibheasach.

A rèir nam figearan as ùire mu ìre-bàis ann an ospadalan, bha an ìre-bàis am measg euslainteach aig Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan a dhà uimhir ìre-bàis na dùthcha san fharsaingeachd.

Tha dragh air BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, mu na figearan, is i airson coinneachadh ri oifigearan bho Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd.

Tha am Bòrd Slàinte a' dèanamh sgrùdaidh a thathas an dùil a bhios deiseil aig meadhan na h-ath-mhìos.

Ach tha iad ag ràdh gu bheil luchd-sgrùdaidh neo-eiseamalach air dèanamh a-mach nach eil adhbhar dragh ann.

Thuirt an Stiùiriche Meidigeach, an Dtr. Rod Harvey, nach b' urrainn dhaibh fàiligidhean ann an cùram a tha ri fhaighinn san ospadal ainmeachadh a bhiodh nam pàirt de bhàs euslaintich.

Thuirt e cuideachd gum biodh buaidh aig an àireimh bhig de dh'euslaintich a bhios a' tighinn dhan ospadal air na figearan.