Luaidh ga dhèanamh air sreapadair

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Nigel Brown/Geograph

Chaochail sreapadair às dèidh dha tuiteam ann an Taobh Siar Rois Disathairne.

Bha Seumas Edwards na bhall de Sgioba Teasairginn Dhùn Dòmhnaill.

Chaidh cobhair a dhèanamh air Mgr Edwards às dèidh tuiteam ann am beanntan Innis an Iasgaich.

Chaidh a thoirt dhan ospadal ach chaochail e an sin.

Thuirt Sgioba Teasairginn Dhùn Dòmhnaill gur e suidheachadh cianail doirbh a bh' ann dhaibh cobhair a dhèanamh air ball den sgioba.

Tha bàs Mhgr Edwards na bhuille uabhasach dhaibh, thuirt iad.

Thuirt iad gu bheil na smuaintean aca le banntrach Mhgr Edwards agus an dithis mhac.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh