Fèill Uan na Luirge

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhTha dùil gun tèid mu 19,000 uan a reic aig an fhèill

Tha dùil gun tèid mu 19,000 uan a reic Dimàirt aig fèill mhòr na Luirg.

'S i fhathast tè de phrìomh fhèilltean uan na Roinn Eòrpa ged nach eil i buileach cho mòr 's a bha bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Tha dùil ri eadar 500 agus mìle tuathanach 's croitear aig an fhèill eadar luchd-reic 's luchd-ceannach.

Thuirt Cathraiche United Auctions, Dàibhidh Leggatt, nach eil fhios aig an ìre-sa dè a' bhuaidh a bheir a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich air a' ghnìomhachas, ach gu bheil cho lag 's a tha an nota an-dràsta a' ciallachadh gu bheil e e nas saoire dha luchd-ceannach às an Roinn Eòrpa uain Albannach a cheannach.

Tha na prìsean aig an Luirg air am meas mar shlat-tomhais airson fèilltean uan eile.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh