Dàil air fosgladh an tùr a' tuath

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
Fo-thiotal an deilbh, Tha an tùr ga leasachadh mar àite do luchd-turais

Tha clachaireachd a tha tuiteam às a chèile a' cur dàil air a bhith a' fosgladh an tùr a' tuath aig Caisteal Inbhir Nis.

Tha an t-àite ga leasachadh mar ghoireas do luchd-turais far am faicear seallaidhean dhen bhaile.

Feumar a-nis laigsean anns na clachan a chàradh mus gabh an tùr fhosgladh dhan phoball.

Bha dùil gun deigheadh an tùr fhosgladh anns an Dàmhair ach chaidh sin a chuir dheth a-nis chun Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh