Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clàr-ola

Thèid feuchainn an-diugh a-rithist ri sgioba a chur air a' chlàr-ola a tha air na creagan air taobh siar Leòdhais, ged a tha coltas ann gun cuir droch shìde maill orra turas eile. Ged a tha làn àrd ann an ath-sheachdain, tha teagamh air luchd-eòlaich am bi iad deiseil cho tràth sin airson an clàr a chur air ais gu muir.

Gàidhlig

Thuirt Cathraiche na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, Hamish Friseal, gum biodh iad deònach taic a thoirt do bhuidhinn ùr a bhiodh a' riochdachadh chòirichean Ghàidheal. 'S e sin an rud a tha an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin a' moladh agus esan ag ràdh nach bi a' Ghàidhlig buan as na coimhearsnachdan mura thèid ro-innleachd ùr a stèidheachadh.

Maoim-slèibhe

Tha coltas gum bi an rathad mòr, an A830, agus an loidhne-rèidhle eadar an Gearsadan agus Malaig, dùinte a' mhòr-chuid den là an-diugh an dèidh maoim-slèibhe faisg air Loch Ailleart an-dè. Tha rathad eile fosgailte, an A861, ach tha sin a' toirt ùine nas fhaide. Tha busaichean a' ruith an àite nan treanaichean eadar an Gearasdan agus Malaig.

Na Làbaraich

Tha dùil ri breith Cùirt an Ath Thagraidh an-diugh air cò aig am bi cead bhòtaidh ann an taghadh a' cheannaird Làbaraich. Tha Àrd Chomataidh Nàiseanta nan Làbarach a' feuchainn ri cuir às do co-dhùnadh na h-Àird Cùirt, a thug cead do chòrr 's 100,000 duine de bhallrachd ùr a' phàrtaidh bhòtadh anns an taghadh.

Radigeachd

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sùil às ùr a thoirt air sgeama, ris an canar Prevent, airson òigridh a dhìon bho radigeachd Islamach. Tha seo an dèidh bàs nighean sgoile à taobh sear Lunnain san t-sabaid ann an Siria. Dh'fhàg Kadiza Sultana, a bha 17, agus dithis nigheanan eile còmhla rithe an dachaidh an-uiridh agus coltas ann gun deach an iompachadh air-loidhne.

Thailand

Chaidh ceathrar a mharbhadh air a' char as lugha agus deugachadh dhaoine a ghoirteachadh ann an sreath spreadhaidhean ann an sgìrean turasachd ann an ceann a deas Thailand. Thuirt poilis na sgìre nach e ceannairc Islamach a bh' ann ach foirneart aig ìre ionadail.

Uisge

Tha NHS Sgìre Ghlaschu agus Chluaidh ag ràdh nach eil cunnart sam bith ann do dh'euslaintich ged a tha iad fhathast a' feuchainn ri uisge an tap aig Ospadal Rìoghail Alexandra ann am Paislig a ghlanadh. Thàinig dath ruadh air an uisge agus chaidh maill air mòran den obair lannsa, ach tha an NHS ag ràdh nach eil cunnart sam bith ann do shlàinte.

Farpaisean pìoba

Tha Farpaisean Còmhlain Pìoba na Cruinne a' tòiseachadh ann an Glaschu an-diugh. Cuiridh còrr 's 200 còmhlan bho air feadh an t-saoghail seachad dà là a' strì airson nan duaisean as cliùtiche ann am farpais chòmhlain.