Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clàr-ola

Tha coltas ann gun cuir droch shìde, agus a' ghaoth ag èirigh, maill an-diugh a-rithist air an sgioba a tha a' dèiligeadh ris a' chlàr-ola a chaidh air na creagan air taobh siar Leòdhais. Tha luchd-salbhaidh ag iarraidh rannsachadh ceart a dhèanamh air a' chlàr agus dearbhadh ann gu bheil a dhà de na tancaichean diesel ag aoidion. Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh ge-tà, nach eil coltas sam bith ann aig an ìre seo gun deach truailleadh mòr sam bith a dhèanamh.

Na Làbaraich

Chaidh am Pàrtaidh Làbarach gu Cùirt an Ath-Thagraidh an-diugh le tagradh an aghaidh co-dhùnadh na h-Àird Cùirt a thug cead do bhallrachd ùr bhòtadh ann an taghadh a' cheannaird. Thuirt an Àrd-Chuirt Diluain gun robh e ceàrr do dh'Àrd Chomataidh Nàiseanta nan Làbarach casg bhòtaidh a chur air 145,000 duine a ghabh ballrachd sa Phàrtaidh Làbarach bhon Fhaoilleach am-bliadhna.

Aleppo

Thuirt Ministreachd Dìon na Ruis gun sguir na feachdan aca trì uairean de shìde gach là den t-sabaid ann am baile Aleppo ann an Siria, gus am gu faigh buidhnean le cobhair a-staigh gu muinntir a' bhaile. Tha sabaid chruaidh sa bhaile eadar na reubaltaich agus feachdan an riaghaltais aig a bheil taic na Ruis. Chuir na Dùthchannan Aonaichte fàilte air sin ach thuirt iad nach eil e a' dol fada gu leòr. Agus tha aithrisean ann an-diugh a-rithist air cion an uisge a tha a' toirt buaidh air dà mhuillean duine ann an Aleppo agus mòran dhiubh sin as aonais uisge glan airson òl.

Seirbheisean adhair

Tha na comhairlichean a tha a' riochdachadh Bharraigh agus Bhatarsaigh air Comhairle nan Eilean Siar a' gearain gu làidir nach deach coinneamh a chur air dòigh san sgìre sin mar phàirt de cho-chomhairle air seirbheisean adhair. Tha na comhairlichean a' faighneachd carson nach eil coinneamh gu bhith acasan, agus Comhairle nan Eilean Siar air fiosrachadh fhoillseachadh mu choinneamhan ann an Leòdhas agus ann am Beinn na Faoghla an ath-sheachdain.

Cinn Tìre

Tha dragh ann an Cinn Tìre mu cho seasmhach sa tha an t-seirbheis aiseig eadar an Àird Rosain agus Ceann Loch Chille Chiarain. Ged a tha an t-seirbheis air fàs nas fheàrr sa mhìos a dh'fhalbh, tha feadhainn san sgìre ag ràdh gun robh amannan ann nuair a bha muinntir Chinn Tìre air am fàgail ann an Àird Rosain leis gun robh an aiseag dheth.