RSPB ag ràdh gun deach iolairean-buidhe a dhìth

Iolaire-bhuidhe Image copyright Thinkstock
Image caption Tha RSPB na h-Alba ag ràdh gun deach ochd iolairean-buidhe air an robh tag a dhìth bhon t-Samhainn 2011.

Le seasan na circe-fraoiche a' tòiseachadh a-màireach, tha Riaghaltas na h-Alba a' rannsachadh aithrisean gun deach iolairean-buidhe a dhìth ann an sgìre far am bitear gan sealg.

Chaidh sgrùdadh òrdachadh às dèidh do RSPB na h-Alba cantainn gun deach ochd iolairean-buidhe à sealladh ann an aon sgìre ann am meadhan na Gàidhealtachd thairis air a' chòig bliadhna mu dheireadh.

Thuirt uachdarain nach eil fianais shoilleir sam bith ann gu bheil cron ga dhèanamh air iolairean.

Air a' mhìos a dh'fhalbh, chaidh iolaire bhuidhe òg a dhìth ann am beanntan a' Mhonaidh Lèith.

B' i an ochdamh tè a chaidh à sealladh anns an sgìre sin anns a' chòig bliadhna mu dheireadh.

Tagaichean

Bha tagaichean saideil air a h-uile gin aca, agus tha RSPB na h-Alba den bheachd gun deach am marbhadh gu mì-laghail agus gun deach cur às dhe na tagraichean.

Tha iad a' cur a' choire air oighreachdan air am bi cearcan-fraoich gan sealg.

Thuirt Buidheann Mhòintichean na h-Alba, a tha a' riochdachadh nan uachdaran, nach eil fianais sam bith ann gu bheil iolairean gam marbhadh gu mì-laghail, 's gu bheil RSPB na h-Alba dìreach a' feuchainn ri daoine a chuir an aghaidh spòrs ghunnaichean dìreach mus tòisich seasan nan circe-fraoich.

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh air an fhiosrachadh a tha a' tighinn bho na tagaichean saideil a th' air eòin gus am faic iad a bheil càil "amharasach" air a bhith a' tachairt.

Bhiodh iad deònach riaghailtean nas cruaidhe a chur an sàs cuideachd, ma bhios sin a dhìth, thuirt iad.