Gearanan mun fheur am Muile

Tobar Mhoire Image copyright Steven Brown / Geograph

Tha dragh air nochdadh ann am Muile mu staid oir nan rathaidean air feadh an eilein.

Thuirt Comhairle Choimhearsnachd Mhuile gu bheil feur agus raineach air gach taobh den rathad air fàs cho fada 's gu bheil e na chunnart.

Chan eil Comhairle Earra-Ghaidheal 's Bhòid a-nise a' gearradh an fheòir cho tric, is iad a' feuchainn ri airgead a chaomhnadh.

Thuirt Comhairle Choimhearsnachd Mhuile gu bheil iad a' tuigsinn sin.

Cunnart

Thuirt iad ge-tà, gum feum rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn an fhèoir.

A rèir na buidhne, tha cuid de luchd-turais air na càraichean aca a stad air an rathad gus dealbhan a thogail den fheur.

Tha a' chomhairle choimhearsnachd a-nise airson rannsachadh a dhèanamh feuch dè na h-àiteachan as miosa a th' ann, is clàr-ama a stèidheachadh 'son an gearradh.

Chuala coinneamh den bhuidhinn cuideachd gu bheil barrachd thubaistean rathaid air a bhith ann am Muile am-bliadhna.

Tha iad airson rannsachadh a dhèanamh feuch a bheil ceangal ann eadar tubaistean is staid oir nan rathaidean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile