BBC Naidheachdan

Seasan neadachaidh soirbheachail an Canaigh

Published
image copyrightJustin Grant
Tha seasan neadachaidh soirbheachail air a bhith aig eòlairean-mara ann an Eilean Chanaigh a rèir uachdaran an eilein, Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS).
Tha dà chàraid ann aig a bheil dà isean.
'S iad iolairean-mara na h-eòin seilg as motha a tha ri fhaighinn sa Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt an NTS gu bheil isean aig na h-iolairean-buidhe san eilean cuideachd.
Fad iomadh bliadhna chaidh isean iolairean-mara bhon eilean a chleachdadh gus na h-eòin a thoirt air ais gu sgìrean ann an Èirinn.
Thuirt an Dtr Ridseard Luxmoore gu bheil Canaigh air a bhith soirbheachail dha-rìreamh mar àite airson iolairean-mara a bhith ag àlachadh.
"Sa chuid as motha de bhliadhnachan bho thòisichear a' feuchainn ris na h-eòin a thoirt air ais, tha dà chàraid air a bhith a' neadachadh anns an eilean.
"Chan eil e cho comanta dà isean a bhith aig an dà chàraid 's le sin se naidheachd mhath dha-rìreamh a th'ann," thuirt an Dtr Luxmoore.