Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eaconomaidh

Dh'ainmich Prìomh Mhinistear na h-Alba ceud millean not de thaic airgid as ùr 'son eaconomaidh na h-Alba a chuideachadh an dèidh na bhòt 'son na Rìoghachd Aonaichte a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Agus dh'iarr Nicola Sturgeon air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte barrachd a dhèanamh 'son an eaconoamdh a chuideachdh. Tha Rùnaire na h-Alba, Daibhidh Mundell, ann an Dun Eideann an-diugh a' bruidhinn ri ceannardan gnìomhachais agus ri buidhnean eile mu bhuaidh Brexit.

Clàr-ola

Tha coltas ann gun cuir droch shide 'son latha neo dhà maill air an sgioba a tha ag ullachadh 'son feuchainn ris a' chlàr-ola a chuir air ais gu muir air taobh siar Leòdhais. Thèid an sgioba-sàbhlaidh air bòrd a' chlàir a-rithist an-diugh agus iad a' feuchainn ris a' chonnadh, trì fichead sa deich mìle galan diesel, a dhèanamh tèarainte.

Eurostar

Tha aonadh an RMT a cur luchd-obrach air stailc air seirbheisean trèana Eurostar, seachd tursan, fad latha gach turas, ro dheireadh na mìos seo. Thuirt an t-aonadh gu bheil iad mì-thoilichte mu bhuaidh uallach na h-obrach air dòigh-beatha nan draibhearan. Thuirt Eurostar gu bheil iad air a bhith ag ullachadh 'son stailc agus gun cum iad nas urrainn dhaibh de na trèanaichean a' dol.

Dòmhnall Trump

Chaidh tagraiche nam Poblachdach 'sna Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump, as àicheadh gun do bhrosnaich e fòirneart an aghaidh Hillary Clinton. Bha Mgr Trump an dèidh a ràdh nach cuireadh ach feadhainn aig am bheil gunnachan stad air plana a' Bhean-phòsda Clinton 'son cuir às do chòirichean gunna. Thuirt iomairt Mhgr Trump nach robh e ach ag iarraidh air feadhainn aig am bheil gunnachan a bhòt a'chleachdadh.

Àireamh-sluaigh

Bha àireamh-sluaigh na h-Alba aig an ìre 's motha riamh an-uiridh an rèir nam figearan 's uire. Tha am fiosrachadh bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba a ràdh gu robh cha mhòr còig puing a ceithir millean duine a' fuireach ann an Alba ann an 2015 agus gur e feadhainn a ghluais à sgìrean eile ann am Breatainn 's motha a chuir ris an àireamh sin.

Taighean-staile

Tha àireamh luchd-turais aig taighean-staile na h-Alba aig an ìre 's motha riamh, aon poing a sia millean, a rèir Chomunn Uisge Beatha na h-Alba. Thuirt an Comunn gu robh seachd às a' cheud a bharrachd ann dhiubh eadar 2014 agus 2015 agus iad a' cosg faisg air leth-cheud millean not. Tha mu leth den cheud agus ochd deug de thaighean staile na h-Alba fosgailte dhan mhòr-shluagh.

Spòrs

Bha triùir Albannach sa cheathrar a fhuair bonn airgid dha Breatainn san dà cheud meatair freestyle relay aig Geamaichean Rio an-raoir, Dan Wallace, Stephen Milne, agus Duncan Scott, cuide ri James Guy à Sasainn. Fhuair Aimeireaga bonn òr, a' ciallachadh gu bheil Michael Phelps a-nis le aon thar fhichead bonn òr uile gu lèir an àireamh as motha a-riamh do dhuine sam bith. Fhuair Siobhan Marie O'Connor bonn airgid cuideachd san dà cheud meatair medley. Tha Andy Moireach a' cluich anns an treas cuairt san tennis an-diugh an aghaidh Fabio Fognini às an Eadailt.

'S tha trì geamachan eile ann an Cupa an Lìog ann am ball-coise na h-Alba an-nochd. Celtic an aghaidh Tobair na Mathair, St Johnstone a' cluich Hearts agus Ayr Utd an aghaidh Obair Dheathain.