Fear à Inbhir Nis a' soirbheachadh an Rio

Great Britain's Alan Sinclair and Stewart Innes Image copyright Getty Images

Bidh iomairiche à Inbhir Nis ann an cuairt dheireannach aig na Geamaichean Olimpigeach ann an Rio Diardaoin.

Tha Ailean Mac na Ceardaich is Stiùbhart Innes ag iomradh ann am Farpais nan Càraid Gun Stiùriche.

Thàinig iad san darna àite san iar-chuairt dheireannaich.

Rugadh Mac na Ceardaich ann an Inbhir Nis, is thogadh e ann am Poll Lochaidh.

'S ann à Shiplock, ri taobh Abhainn Thames, a tha Innes.

Fhuair an dithis bonn airgid roimhe aig Farpaisean na h-Eòrpa.

Tha dùil gum bi a' chuairt dheireannach aca Diardaoin ann aig 2.44f.