Cha tèid Blàr Buidhe a reic

Blàr Buidhe

Cha tèid dachaigh-cùraim Bhlàr Buidhe ann an Leòdhas a-nis a cheannach le companaidh ionadail mar a bha dùil, is e air faileachadh orra aonta a ruighinn mu luach na làraich.

Thuirt a' chompanaidh West End Care gur e fìor-bhriseadh-dùil a bh' ann.

Chaidh an dachaigh-cùraim air a' mhargaidh an-uiridh.

Thuirt a' chompanaidh HC One, leis a bheil i, gun robhas ga reic an dèidh measadh air obair na companaidh gu nàiseanta.

Thòisich còmhraidhean eadar HC One agus West End Care Ltd ach cha deach aca air aonta a ruighinn mu luach na dachaigh-cùraim.

Thuirt Dubhghall MacAmhlaigh bho West End Care gun robh seo na bhriseadh-dùil dhaibh.

Thàinig seo às dèidh chasaidean gun robh euslaintich san dachaigh air cuideam a chall, le rannsachadh a' co-dhùnadh nach eil euslaintich a-nis ann an cunnart às dèidh atharrachaidhean.

Tha HC-One a-nis ag ràdh gum fuirich an dachaigh anns a' bhuidhinn aca, is gun cosg iad airgead a bharrachd air goireasan, ag obair le Comhairle nan Eilean Siar.