Fireannach air nochdadh sa chùirt às dèidh ionnsaigh le chainsaw

Nochd fireannach anns a' chùirt ann an Inbhir Nis Diardaoin às dèidh ionnsaigh le chainsaw an t-seachdainn a chaidh.

Chaidh dithis a ghoirteachadh nuair a thugar ionnsaigh orra nan dachaigh ann an Caol a' Ghearasdain air an 20mh là dhen Iuchair.

Chaidh Reamonn Mac a' Phearsainn, 73, tro obair-lannsa fhada ann an oidhirp a ghàirdean a shàbhaladh agus tha e fhathast anns an ospadal ann an Glaschu.

Fhuair a bhean, Flora, a tha 65, dhachaigh às dèidh dhith-se leigheas fhaighinn ann an Ospadal a' Bhelford.

Tha dà chasaid de dh'oidhirp air murt mu choinneamh Sheumais Dhòmhnallaich, 49, agus casaid eile de bhriseadh na sìthe.

Cha do rinn e tagradh sam bith agus, às dèidh tagradh bhon Chrùn, chaidh a chumail an greim gus an nochd e anns a' chùirt a-rithist.